10.8.07

Clàr ùr agam: Dail-Riata le Griogair Labhruidh

Dà sheachdain air ais, chuala mi òran aig Radio nan Gàidheal agus Àirde Chuain an t-ainm a bh' air, le Griogair Labhruidh. Fhuair mi an clàr aige anns an eadar-lìn agus cheannaich mi e. Ràinig e mi an-dè. Tha mi den bheachd gur e clàr cianail agus uabhasach brèagha a th' ann, agus 's toil leam e gu dearbh. Tha Griogair à Earra Ghàidheal agus barrachd air a bhith seinneadair, tha e a' cluich air a' ghiotàr agus a' seinn air a' phìob gu math fhèin. Tha na faclan nan òran agus fiosrachadh mionaideach air gach port ann ri leughadh, 'sa Ghàidhlig agus 'sa Bheurla.

'S urrainn dhuibh èisdeachd ri trì orain aig an làrach-lìn aige: Duilleag MySpace le Griogair

2 fhreagairt

Thuirt Miguel

Obh obh, 's e òrain àlainn a tha ann sin !! Ciamar a tha mi a' faighinn thuige ? Tha mi ag iarraidh a cheannaich e !!

Mar sin leat !

Thuirt GunChleoc

Gheibh thu e aig an làrach-lìn le Griogair fhèin (ma bhios PayPal agad). Fhuair mi fear eile aig Coda Music.