11.11.07

A' chiad turas agam tro Alba

Shiubhail mo tro na h-eileanan brèagha siud ri taobh eile den Chaolas o chionn bliadhnaichean, ach cha d’ ràinig mi an roinn a tuath. Nise, nuair a chuir Runrig fios dhan eadar-lìon gum bi iad a’ cluich ri taobh Loch Nis, ’s e fiathachadh nach urrainn dhomh diùltadh a bh’ ann. A bharrachd air seo, thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh dà bhliadhna air ais, agus bha an t-àm ann airson dol a dh’Alba mu dheidhreadh thall agus an cànan a chleachdadh. Bha mi gu dol ann le caraid a chaidh ann an-uiridh. Bha an t-eòlas aice os cionn luach nuair a dh’eagraich sinn an turas againne. A dh’aindeoin sin, nuair a dhubh iad a-mach an turas-aidhair againne agus chaidh earlaiseachadh na leapa is litir againn air chall, thòisich sinn a’ faireachdainn gum biodh rudeigin nach iarraidh gun tèid sinn ann. Lean sinn leis an turas co-dhiù. Mar seo, rachaibh còmhla rium a’ sealg ceòl, biadh, ailtireachd, leabhraichean, cruth-tìre agus an cànan Gàidhlig. Gu mì-fhortanach, chan eil Gàidhlig gu leòr agam fhathast airson tuilleadh sgrìobhadh agus cha bhi ach ainm-àite no eile agus mearachdan gu leòr ann. An ath-thuras, ’s dòcha. Nise, tha mi an dòchas gum bi an sgeulachd Beurla agam a’ còrdadh riubh!







Gheibh thu an sgeulachd an-seo.

Bidh mi a' leanntainn leis nuair a bhios ùine agam. Thoiribh sùil air bho àm gu àm! Bidh 18 làithean ann nuair a bhios e deiseil.