16.12.07

Càirtean-puist

Tha am buth air loidhne agam deiseil mu dheireadh thall. 'S e mòran obair a bh' ann! Seo ceangal dhuibh.

Chan eil Gàidhlig ann air an làrach-lìn seo gu mì-fhortanach. Tha mo cheann goirt fhathast air sgàth 's gun robh agam ris a h-uile rud eadar-theangachadh gu Beurla, gu h-àraidh an duilleag seo. Abair cainnt neònach a th' ann!

Mìle neach-lagha ceangailte ri chèile aig bonn a' chuan, dè th' ann? - Seadh, tòiseachadh fior-mhath!

Tha ainmean-àite 'sa Ghàidhlig ann air na càirtean-puist le dealbhan a thug mi 'sa Ghaidhealtachd fhèin co-dhiù. Nise, tha glainne uisge-beatha mòr a dhìth orm.