23.3.10

Nach beag a tha an saoghal - Pàirt 2


Rinn an tè Thalamhaich ruadh suidhe air sèiseach anns an t soitheach-tìme choigreach. Sheall i mun cuairt cearcall an t seòmair fhalaimh, le deàrrsadh solas gorm-uaine a’ chuilbh mheadhanaich na aon chompanach. Thòisich i air lùban muinchill clì a geansaidh duinn-dorcha a chunntadh. A h aon, a dhà, ... trì cheud is leth cheud ’s a còig. Thòisich i air dranndan a dhèanamh, ach cha tug i mòran tlachd às nas motha. Chunnt i lùban a muinchill deas. Trì cheud is dà fhichead ’s a h ochd?

Thug i seachad cuairt timcheall a’ chlàir-stiùiridh. Agus cuairt eile. Theab gun do bhrùth i putan no dhà leis a’ ghlan-fhadachd.

- “Doctor!!!”

Cha chuala i ach falamhachd.

An taobh clì a rithist, trì cheud is leth cheud. An taobh deas, a h aon, a dhà,... trì cheud is a h aon, trì cheud is a dhà,...

- “Daingit, daingit, daingit, oich ’s mi gòrach, ’s ann cho gòrach a tha mise, carson a tha thu a’ cunntadh lùban do mhuinchill?” dh’fhaighnich an Dotair, air a bhristeadh a steach tron aon doras tro an robh e air an Talamhach fhàgail bho chionn linntean na beachd-sa.

- “Oy!” ghearain Donna agus sgailc i e gu feargach, “Cà deach thu ’s mi air m’ fhàgail an-seo gun dad sam bith ri dhèanamh, is dè cho fad ’s a bha e, deich uairean a thìde? Bu chòir dhut innse dhomh dè nì thu mus rachadh tu à sealladh air a chàr as lugha! ’S ann dè cho fad’ o thaigh a’ mhodh ’s a tha Gallifrey?”

- “Modh? Dè cho tlachdmhor ’m biodh ann?” dh’fhaighnich an Dotair le leamhachadh follaiseach air aodann. Thug e sùil air fiamh a gnùis. “OK, OK mar-thà, duilich!”

Cho fad ’s a thug a leisgeul beagan rèiteachaidh do Dhonna, thug i fa near gun robh a caraid air a bhith a’ gearan mu rudeigin nuair a thill e. “Ceart gu leòr; nise, dè mu dheidhinn an TARDIS is tu a mach air dè cho gòrach a tha thu?”

- “Uill, cha deach ach na h uèirean a losgadh is dhìochuimhnich mi cuid ùra fhaighinn an turas mu dheireadh a thachair seo. Uill, chan e trioblaid sam bith th’ ann, gabhaidh stùth den leithid fhaighinn far a bheil sinn, nach fhaigh? Allons-y!” Ghlac an Dotair a chòta mòr fada a’ leum chun an dorais.

- “Oy, allons-dè?”

- “Tiugainn mar-thà!”



~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~ Briathrachas ~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~

~~~ càite
clàr-stiùiridh (nm) ~~~ console
coigreach (a, nm) ~~~ alien
deàrrs, deàrrsadh (v) ~~~ dazzle, flare, glitter, glow
dranndan (nm) ~~~ growl, muttering
fiamh (nm/f) ~~~ expression, look
glac (v) ~~~ snatch
gnùis (nf) ~~~ countenance, face
leamhachadh (nm) ~~~ exasperation
losgadh (nm) ~~~ burning
lùb (nm) ~~~ loop, stitch (in knitting)
modh, Is fhad’ o thaigh a mhodh a rugadh tu ~~~ You were born far from the house of good manners; you weren’t taught any manners as a child
muinchill (nm) ~~~ sleeve
rèiteachadh (nm) ~~~ conciliation
sèiseach (nm) ~~~ bench, couch
sgailc (v) ~~~ cuff
soitheach (nm) ~~~ vessel
uèir (nf) ~~~ wire

Doctor Who agus an TARDIS © BBC