17.7.10

Nach beag a tha an saoghal - 7

Leth uair nas anmoiche, chunnacadh dithis thaistealaichean sgìthe a’ siubhal nan cabhsairean baile beag taobh a deas na Gearmailte. ’S ann trang a bha na cabhsairean, làn dhaoine a’ dèanamh an gnòthaich agus a’ sealltainn air uinneagan mòra nam bùithtean. Gun a bhith a’ gluasad. Sheall an Dotair orra gu mionaideach, sgriubhaire fuaimneach na làimh. “Plastaig a‑rithist; na h‑uile fear aca”, dhearbhaich e.

“Seall na fhuair mise!” dh’osnaich Donna is leig i i fhèin tuiteam air being air beulaibh cafaidh. Chuir i a casan suas. “Saoil am faigh mi glainne uisge an-seo, air neo bobhla math brot?” thuirt i gu fochaideach. Chaidh càr seachad orra. “’S dòcha gun fhaigh sinn lioft?”

“Abair smuain”, bheachdaich an Gallifreyach, “ach dè an dòigh air a bhios daoine plastaig a’ stiùireadh chàraichean, agus càite an tèid iad?” Choisich e gu solas trafaige is sheas e ri a thaobh. An ceann greis, thionndaidh an solas gu dearg agus stad càr air a bheulaibh. Dh’fheuch an Dotair an doras fhosgladh, ach cha robh an làmh-dhorais ag obrachadh.

“Uill, chan fhaigh sinn lioft gu àite sam bith air an inneal a tha seo!” thug e barail. Na chrùban, thionndaidh e a bhas chun an làir agus stad e, a shùilean dùinte. “’m biodh? Cha, chan urrainn... bheil?”

- “Doctor?” chuala e a charaid ag èigheachd.

- “Ist!”

- “Doctor!”

- “A Dhonna, ist greiseag, feumaidh mi sàmhchair,” dh’iarr an Dotair le inntinn ann an saoghal eile.

Chum e a làmh air an làr gus an do dh’fhalbh an càr agus an solas-trafaig air a thionndadh gu uaine. “Tha!” thuirt e làn toileachais-inntinn. Dh’fhosgail e a shùilean agus sheall e suas far am faca e uabhas de cheò a’ stialladh nan speuran. Chualadh dùdaichean air astar.

“Saoil dè tha na theine a‑nis?” dh’fhaighnich a charaid. “Greas ort is seall!”

Bha i na seasamh aig ceann eile an rathaid is mìog air a h‑aodann. Thug an Dotair a chasan leis airson tighinn air a charaid fhad ’s a ruith innealan guthmhor nan sùilean gorma seachad air. Agus abair caisteal na theine mar bhogha-frois. “’S truagh nach eil popcorn againn,” bheachdaich Donna ri glag-ghàire. “Popcorn!” dh’aontaich an Tighearna-Tìme, “Rachamaid àiteigin far am faighear fear an ath-thuras. Siùcar no salainn?” Thug an dithis sùil ri càch a’ gàireachdainn.

Chaidh na solasan dheth.




~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~ Briathrachas ~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~

barail (nf) ~~~ conjecture, opinion, surmise
bas (nf) ~~~ palm
beachdaich (v) ~~~ observe, speculate
being (nf) ~~~ bench
cabhsair (nm) ~~~ pavement
crùban (nm) ~~~ crouching, sitting squat
dearbhaich (v) ~~~ verify
dùdach (nf) ~~~ siren
fochaideach (a) ~~~ mocking, scoffing
glag-ghàire (nf) ~~~ guffaw
làmh-dhorais (nf) ~~~ door handle
mìog (nf) ~~~ smirk
osnaich (v) ~~~ sigh
sàmhchair (nf) ~~~ silence, tranquility
stialladh (nm) ~~~ streaking, striping, scourging
taistealaiche (nm) ~~~ traveller
toileachas-inntinn (nm) ~~~ delight, aesthetic pleasure