11.11.09

Òrain Runrig – le stràcan

Nuair a thòisich mi air a’ Ghàidhlig ionnsachadh, b’ e goireas glè chudromach is prìseil a bh’ anns na h-òrain aig Runrig dhomh gus a fuaimean a chleachdadh. Bha a’ mhòr-chuid de na stràcan a dhìth air na faclan sgrìobhte co-dhiù agus tha mi air sgrùdadh nam faclan uile a dhèanamh gus na sràcan a bha a dhìth a chur riutha. Geibhtear na faclan air làrach-lìn Fòram na Gàidhlig.

Mòran taing do Runrig airson cead foillseachaidh a thoirt dhomh.