18.3.10

Nach beag a tha an saoghal - Pàirt 1


- “Nise, tarraing a’ lùb-buillsgein nuair a chanas mi ’n dràsda, ceart?“ mhìnich an Dotair.

- “Ceart.”

- “OK mar-thà… allons-y!”

- “A long dè?” dh’fhaighnich an Lunnainneach.

- “Siuthad is tarraing a’ lùb-buillsgein, feumaidh tu a’ lùb-buillsgein a tharraing mar-thà! A’ lùb-buillsgein!”

Tharraing tè an fhuilt ruaidh uidheam-smachd a bha air a beulaibh agus rinn an soitheach an fhuaim nas neònaiche a chuala i riamh. Am biodh i air a dhèanamh gu ceart?

- “Och, cha chreid mi e, chan ann am bunailteachadair iomadh-sheallach ach an tè seo, mar a mhìnich mi dhut mar-thà”, arsa an coigreach. “Greas ort is tarraing i!”

Dìreach air na bha i an dùil is fo eagal agus rinn Donna cabhag gus an uidheam-smachd cheart a thaghadh.

- “Chan ann an dà thè aig an aon àm!” dh’èigh an Dotair a’ tarraing air a ghruag dhonn a chum na seasamh mar frioghan, fhad ’s a leig an TARDIS sgread mòr uabhasach seachad agus spreadhadh a’ fàs mun cuairt ri cleasain-tèine iomadh-dhathach gus an do bhuail an soitheach-tìme ri rudeigin agus sguir i a’ gluasad.

- “Chan eil e cho furasta cead dràibhibh fhaighinn air soitheach dha leithid ’s a bha ’n cuimhne agam,” arsa an Tighearna-Tìme ri gàire nuair a dh’èirich e fon làr. “Na gabh dragh. Uill, ràinig sinn mar-thà ge be àite no linn.” Thug e sùil air an inneal-amharc. “Sgoinneil, Hamburg, a’ Ghearmailt, an t Ògmhios, 2010. Òò, abair thusa gur ann anns a’ bhaile-mhalairt a tha sinn! Chan eil seo dona idir. Còrdaidh esan riut!”

Bha Donna coma air. Cha do mhothaich i ach nach deach i sgapadh mar luaithre-fhànais gus an do nochd uallach ùr na h inntinn. “An do bhris mi dad?”

Shlìog an Doctair am pannal smachd. “Tha mi duilich, ach bhris… dè tha ceàrr ort, a ghràidh?” Dhanns am fear clis mun cuairt a’ chlàir-stiùiridh sia-chearnachail a’ làimhseachadh putanan an siud ’s an seo agus uidheam-smachd is comharrachadh no dhà. Chrom e fodha, slat airgeadach fhuaimneach na làmh. Thuirt e: “Uill, gabhaidh seo chàradh gun trioblaid sam bith. Air ais ann an tiota!” is thug e a chasan leis tro dhoras a steach.

Sheall Donna tron doras às a dhèidh is chan fhaca i ach trannsa fhada is grunn dhorsan ri gach taobh, le fiù ’s barrachd de thrannsachan ri fhaicinn aig astar. Cha robh sgeul air a caraid.

- “Oy, Spaceman!”

Cha d’ fhuair i freagairt ach mac-talla.



~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~ Briathrachas ~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~

bunailteachadair iomadh-sheallach (nm) ~~~ dimensional stabiliser
càradh (nm) ~~~ mending
clàr-stiùiridh (nm) ~~~ console
clis (a) ~~~ clever, nimble, swift
comharrachadh (nm) ~~~ dial
crom (v) ~~~ bend, bow, crouch
frioghan (nm) ~~~ barb, bristles, hackles
inneal-amharc (nm) ~~~ scanner
luaithre-fhànais (nf) ~~~ space dust
lùb-buillsgein (nm) ~~~ vortex loop
sgread (nm) ~~~ scream, screech, grating noise
sia-chearnachail (a) ~~~ hexagonal
slat (nf) ~~~ rod, wand
slìog (v) ~~~ stroke
soitheach (nm) ~~~ vessel
spreadhadh (nm) ~~~ explosion
trannsa (nf) ~~~ corridor, passage
uidheam-smachd (nm/f) ~~~ lever

Doctor Who agus an TARDIS © BBC