Le sgiamh sheann-bhanntaichean, dh’fhosgail doras a’ bhogsa-phoileis bhig ghuirm a bha na sheasamh air bràighe. Leum duine àrd tana a mach à seòmar mòr do-chreidinneach le boireannach fhuilt fhada ruaidh a’ dèanamh cabhag às a dhèidh mus rachadh e à sealladh a rithist. Stad e gu h obann. Shaoilte gun tarraingte na brògan-cleasachd bèis aige dà shlighe air an talamh. Cha do tharraing. Sheall an Dotair timcheall air le breisleach follaiseach air aodann.
“Chan ann ri taobh port Hamburg a th’ annainne! Uill, chan e làn chraobhan a bha e an turas mu dheireadh a bha mi ann co-dhiù is suas beinne... tha e nas coltaiche ri Babhàiria no a’ Choille Dhubh, ’s dòcha. Smathaid gu bheil an TARDIS troimhe-a-chèile gu dearbh!”
Fhuair e an sgriubhaire fuaimneach à pocaid na deise duinne aige agus shìn e a ghàirdeanan leis an inneal airgeadach na dà làimh. “Carson nach fhaighnich sinn dhen duine ud thall far a bheil sinn?” mhol Donna, a’ comharrachadh sìos na slèibhe. Ghluais an Dotair an sgriubhaire fuaimneach an comhair an neach a bha ri fhaicinn air astar agus dh’èigh e.
- “Ruith!”
Ghabh an Gallifreyach grèim air làmh an Talamhaich agus theich an dithis thaistealaichean-tìme gu cùl craoibhe.
- “Dè tha ort?” chagair an tè.
- “Chan e duine a bh’ ann na chunnaic thu ud thall. Is ann deànte de phlastaig a bh’ anns a’ chùis ud agus ’s e fìor dhroch naidheachd a th’ ann seo”, mhìnich an Tighearna-Tìme. “Fuirich mionaid,” anail e le a bhas ris a’ chraoibh, “’eil thu a’ mothachadh na tha mis’ a’ mothachadh?”
Thàinig oillt a steach sùilean Dhonna. “An e...”
Chum an dithis an sùilean air a’ chreutair. Cha robh sgeul air gluasad ri fhaicinn. Chuir an Dotair a sgriubhaire fuaimneach air a rithist is ghluais e a sholas gorm timcheall air. An uairsin, chuir e an comhair na talmhainn e.
- “Plastaig! Tha an saoghal gu lèir air a thionndadh gu plastaig!”
~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~ Briathrachas ~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~
banntach (nf) ~~~ hinge
bas (nf) ~~~ palm
breisleach (nf) ~~~ confusion
bròg-chleasachd (nf) ~~~ trainer
cagair (v) ~~~ whisper
comhair, an comhair (nf indec) ~~~ in the direction of
comharraich, comharrachadh (v) ~~~ point, point out
oillt (nf) ~~~ dread, shock, terror
sgiamh (nm) ~~~ squeak, squeal
slèibhe ~~~ gen. of sliabh, slope
taistealaiche (nm) ~~~ traveller
Doctor Who agus an TARDIS © BBC
0 freagairt
Sgrìobh freagairt