15.4.10

Nach beag a tha an saoghal - Pàirt 4

Dh’èist an Dotair ri srann a’ sgriubhaire fhuaimnich le aire air aodann. Rinn e gàire is ghnog e ceann an duine phlastaig. “Nach tus’ a tha sàmhach”, bheachdaich e.

- “’m bu chòir dhut gàire a dhèanamh air an truaghan?” thug a caraid achmhasan dha.

- “Truaghan, truaghan, chan e truaghan a th’ ann seo oir cha robh e beò riamh. Chan eil e air a thionndadh gu plastaig, ’s ann dìreach dèante de phlastaig a tha e. Nach eil sin sgoinneil! ’S ann mar sin a tha ’n saoghal seo gu lèir: chan eil e air a thionndadh gu plastaig ach dèante de phlastaig. Seall is tha a chasan air an glaodhachadh ris an làr. Saoil cà bheil sinn ann an dha-rìribh?”

- “Uill, càite?”, dh’fhaighnich Donna.

- “Chan eil càil a dh’fhios a’m! Sgoinneil!” dh’fhreagair an Tighearna-Tìme le fiamh-ghàire a’ tighinn air aodann.

Cha do dh’aontaich an Lunnainneach leis a’ bheachd seo. “Ach, ciamar a gheibh sinn uèirean a nis is a h uile rud na phlastaig?”

- “Uill… ma shireas sinn an àite ceart tha mi cinnteach gun gabh cuid a lorg. Cumamaid a’ dol.”




~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~ Briathrachas ~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~

achmhasan (nm) ~~~ rebuke, reprimand
beachdaich (v) ~~~ observe, speculate
fiamh (nm/f) ~~~ expression, look
glaodhachadh (nm) ~~~ glueing
srann (nm/f) ~~~ buzz, hum

Doctor Who agus an TARDIS © BBC