22.4.10

Nach beag a tha an saoghal - Pàirt 5

Deich mionaidean an dèidh dhaibh an sliabh a thogail orra, thàinig dubhar na h oidhche mun cuairt. Air astar, chunnaic na taistealaichean-tìme solas òr-bhuidhe a’ fàs anns an dubhar. Chluinnte mac-talla dhùdaichean a’ tighinn a nuas bhon ghleann, a’ seinn nam fonn sònraichte mòr-thìreach. Dhanns an teine anns na speuran. “Saoil gu bheil fìor-dhaoine a’ fuireach anns a’ ghleann ud?” dh’fhaighnich Donna. “Tha e coltach gu bheil,” dh’fhreagair a caraid, “Bu chòir dhuinn dhol sìos is sealltainn air na thachras.”

Thionndaidh an Talamhach a h aodann suas air an iarmailt. “Tha e ro dhorcha air mo shon-sa co-dhiù,” thuirt i. “An e àm gealaich ùir a th’ ann? Cha ghabh fiù ’s rionnagan fhaicinn!” Thàinig preasadh ann am maoil an Dotair. “Nach neònach a tha e ’s mi a’ faireachdainn a’ ghealach os ar cionn ach tha i nas motha na bu chòir, mar a tha a’ phlanaid seo. ’S dòcha nach eil sinn air an Talamh ach air planaid sam bith eile. Agus chan eil sgòthan ann. Anns a h uile dòigh, tha e ro chas gus ar leanntainn anns an dorchadas a tha seo, ged nach eil e dubh dorcha gu tùr.”

Phuingich solas gorm nan carbadan-smàlaidh is nan carbadan-eiridinn òr-bhuidhe an teine mhòir mar hòro-gheallaidh disco fhad ’s a shuidh an dithis sìos le an cùil ri craobh fhuadain agus shìn iad an casan.

Cha mhòr an ùine gus an robh an teine air a chur às agus an luchd-sàbhalaidh air a thilleadh don ghleann. Cha tug e ach cairteal eile gus an do dh’èirich a’ ghrian. Bha an saoghal air fhàs sorcha co-dhiù; cha ghabh air a’ ghrian fhèin fhaicinn. Thug an dithis càillte grèim air làimh a chèile agus lean iad sìos na bràighe.



~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~ Briathrachas ~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~

carbad-eiridinn (nm) ~~~ ambulance
carbad-smàlaidh (nm) ~~~ fire engine
cas (a) ~~~ steep, precipitous
dubh dorcha (a) ~~~ pitch black
dubhar (nm) ~~~ darkness, shade, shadow
dubhar na h-oidhche (nm) ~~~ nightfall
dùdach (nf) ~~~ siren
fuadain (a) ~~~ false, artificial
maoil (nf) forehead
preasadh (nf) ~~~ crease, wrinkle
puingich (v) ~~~ punctuate
sliabh (nm) ~~~ slope

Doctor Who agus an TARDIS © BBC