11.11.09

Òrain Runrig – le stràcan

Nuair a thòisich mi air a’ Ghàidhlig ionnsachadh, b’ e goireas glè chudromach is prìseil a bh’ anns na h-òrain aig Runrig dhomh gus a fuaimean a chleachdadh. Bha a’ mhòr-chuid de na stràcan a dhìth air na faclan sgrìobhte co-dhiù agus tha mi air sgrùdadh nam faclan uile a dhèanamh gus na sràcan a bha a dhìth a chur riutha. Geibhtear na faclan air làrach-lìn Fòram na Gàidhlig.

Mòran taing do Runrig airson cead foillseachaidh a thoirt dhomh.

10.9.08

Ciamar a shiubhlas mi a dh’ Alba - DiArdaoin, 17mh an t-Iuchar 2008

Ciamar a bhreabas mi boireannach



An cuimhneachan coileanta


  1. Faigh bus gus a’ phort-adhair

  2. Teich air boireannach fo lighe cùbhraigheachd agus faigh dachaigh ùr anns a’ chiad shreath

  3. Cuir farmad air draibhear fhaighneachail (“Tha sinn a’ dol a dh’Alba!”) am feadh 's tu a’ gabhail glug aidhair ùr cho luath ’s a ghabhas gach turas a bhios an doras a’ fosgladh

  4. Cuir seachad ùine no dhà aig port-adhair Amsterdam a’ coimhead air na bùithtean

  5. Gabh fadachd liosta màirnealach agus coimhead air na bùithtean a-rithist

  6. Na caill am bùth aodaich is cuimhneachan agus brògan maide is muilleannan-gaoithe is tuiliopan gu lèor ann

  7. Breab le do chas ri bonn boireannaich air a còmhdach le aodach gann is duineachan a th’ innte is tu air an rathad chun an roinn aodaich

  8. Thoir beachd air a’ bhugair na croiche a tha ’san rathad ort gu dranndanach

  9. Breab le do chas ri bonn boireannaich air a còmhdach le aodach gann is duineachan a th’ innte is tu a’ tilleadh do na muilleannan-gaoithe

  10. Bi a’ gàire gu do chùlaibh


Ciamar a ruigeas mi an dùthaich



Am boireannach grinn



  1. Laigh aig port-adhair Paislig mu dheireadh thall

  2. Can “Welcome home” ris a’ bhodach Albannach ri do thaobh is thoir gàire air

  3. Rach thairis air a’ bhrat-ùrlair liath is pinc agus seachad air na sanasan a tha ag ràdh “Welcome to Scotland/Fàilte gu Alba” gus na bagaichean agad is tagsaidh fhaighinn

  4. Cuimhnich àite an taighe-òsta far an robh thu an uiridh is dèan cinnteach nach eil draibhear an tagsaidh a’ gabhail bealach

  5. A dh’innse na fìrinn tha thu ag ionnsachadh bealaich goirid agus sràidean beaga inntinneach bhuaidhe

  6. Na cuir air clag an dorais Bhictoireanach ach an dèidh an treas oidhirp

  7. Cuir fàilte air a’ chat dhubh. Tha sinn air ais!


Ciamar a thèid mi dhan taigh-bheag anns an Grassroots



Aimsir Albannach



  1. Lean an sanas air culaibh

  2. Rach air chall ann an talla le grunn dhorsan ann

  3. Faighnich an rathad air fear-faire

  4. Bi air d’ abair riut dìreach “a dhol air culaibh na craoibhe”

  5. Seadh, siud far a bheil an doras ceart


This page in English - Diese Seite auf Deutsch

6.6.08

Fèill-thaisbeanaidh ann an Odense

Thèid mi a dh' Odense 'sa Dhanmhairg an-diugh. Bidh fèill-thaisbeanaidh ann 10 an t-Ògmhios - 24 an t-Ògmhios agus bidh mi a' cuideachadh a h-uile rud chur suas a' bhalla Di-Luain. 'S e Filosofgangen an t-ainm a tha air an ealanlann.

Seo cuid de na dealbhan a bhios mi a' sealltainn:







Thug mi na h-uile dhaibh ann an Odense.

Leabhraichean-latha Odense ('sa Bheurla)

24.1.08

Pròiseict eadar-theangachaidh

Thòisich sinn air am bathar bog aig Fòram na Gàidhlig eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Ma bhios ùidh agad ann an eadar-theangachadh no bu toil leat tionndadh Gàidhlig airson an fhòram agad fhèin fhaighinn, carson nach gabh thu ann airson cuideachadh a thoirt dhuinn.

16.12.07

Càirtean-puist

Tha am buth air loidhne agam deiseil mu dheireadh thall. 'S e mòran obair a bh' ann! Seo ceangal dhuibh.

Chan eil Gàidhlig ann air an làrach-lìn seo gu mì-fhortanach. Tha mo cheann goirt fhathast air sgàth 's gun robh agam ris a h-uile rud eadar-theangachadh gu Beurla, gu h-àraidh an duilleag seo. Abair cainnt neònach a th' ann!

Mìle neach-lagha ceangailte ri chèile aig bonn a' chuan, dè th' ann? - Seadh, tòiseachadh fior-mhath!

Tha ainmean-àite 'sa Ghàidhlig ann air na càirtean-puist le dealbhan a thug mi 'sa Ghaidhealtachd fhèin co-dhiù. Nise, tha glainne uisge-beatha mòr a dhìth orm.

17.11.07

Runrig leis an Arm an Tartain

Chlàr Runrig tionndadh ùr le Loch Laomainn leis an Arm an Tartain. Bidh a h-uile cosnadh a' dol gu BBC Clann ann an Èis. Chluich iad beò aig an TBh an-raoir. Seo ceangal UTube dhuibh.

Chaidh mi a-mach airson biadh a cheannachd 'sa mhadainn an-diugh. Nuair a ràinig mi dhachaigh, fhuair mi teachdaireachd anns a' phuist gum bi litir dhomhsa ann. Gonadh! Gu fortanach, bha cuimhe agam air baidhseagal na tè-phuist fhaicinn, agus chaidh mi a-mach às a dèidh. Seadh, 's e pacaid bho amazon.uk a bh' ann agus thug i e thugam. Ho, ho mo leannan, ho, mo leannan bhoidheach, ho, ho... mo nabaidhean bochda!

11.11.07

A' chiad turas agam tro Alba

Shiubhail mo tro na h-eileanan brèagha siud ri taobh eile den Chaolas o chionn bliadhnaichean, ach cha d’ ràinig mi an roinn a tuath. Nise, nuair a chuir Runrig fios dhan eadar-lìon gum bi iad a’ cluich ri taobh Loch Nis, ’s e fiathachadh nach urrainn dhomh diùltadh a bh’ ann. A bharrachd air seo, thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh dà bhliadhna air ais, agus bha an t-àm ann airson dol a dh’Alba mu dheidhreadh thall agus an cànan a chleachdadh. Bha mi gu dol ann le caraid a chaidh ann an-uiridh. Bha an t-eòlas aice os cionn luach nuair a dh’eagraich sinn an turas againne. A dh’aindeoin sin, nuair a dhubh iad a-mach an turas-aidhair againne agus chaidh earlaiseachadh na leapa is litir againn air chall, thòisich sinn a’ faireachdainn gum biodh rudeigin nach iarraidh gun tèid sinn ann. Lean sinn leis an turas co-dhiù. Mar seo, rachaibh còmhla rium a’ sealg ceòl, biadh, ailtireachd, leabhraichean, cruth-tìre agus an cànan Gàidhlig. Gu mì-fhortanach, chan eil Gàidhlig gu leòr agam fhathast airson tuilleadh sgrìobhadh agus cha bhi ach ainm-àite no eile agus mearachdan gu leòr ann. An ath-thuras, ’s dòcha. Nise, tha mi an dòchas gum bi an sgeulachd Beurla agam a’ còrdadh riubh!







Gheibh thu an sgeulachd an-seo.

Bidh mi a' leanntainn leis nuair a bhios ùine agam. Thoiribh sùil air bho àm gu àm! Bidh 18 làithean ann nuair a bhios e deiseil.